Currently No Video Available
Clean Lyric
Paragraph Lyric
Nach mis' tha gu trom,
Glas chiambaig nam cheann,
Tha mi brist', tha mi aonranach brònach,
Oir tha màthair mo chloinn,
Bean-ghaoil is mo mhnaoi,
Anns a' chladh air an Aoidh fo na fòidean

Cha thuig duine gu bràth,
Meud mo mhulaid 's mo chràdh,
Tha mo chlann air am fàgail gun mhàthair
Chan eil madainn no oidhch'
Nach bi mi ga caoigh:
Air a son shil mi deòirean gun nàire

Tha mi cinnteach, a luaidh,
Gu bheil thu 'm Pàrras ud shuas,
Tha na dh' thuiling thu nis air do chùlaibh
Gus an dùin mi mo shùil,
Anns a' chadal nach dùisg,
Gad ' ionndrainn bi mi, is toirt cliù dhuit.

Nach mis' tha gu trom,
Glas chiambaig nam cheann,
Tha mi brist', tha mi aonranach brònach,
Oir tha màthair mo chloinn,
Bean-ghaoil is mo mhnaoi,
Anns a' chladh air an Aoidh fo na fòidean
Nach mis' tha gu trom,   Glas chiambaig nam cheann,   Tha mi brist', tha mi aonranach brònach,   Oir tha màthair mo chloinn,   Bean-ghaoil is mo mhnaoi,   Anns a' chladh air an Aoidh fo na fòidean      Cha thuig duine gu bràth,   Meud mo mhulaid 's mo chràdh,   Tha mo chlann air am fàgail gun mhàthair   Chan eil madainn no oidhch'   Nach bi mi ga caoigh:   Air a son shil mi deòirean gun nàire      Tha mi cinnteach, a luaidh,   Gu bheil thu 'm Pàrras ud shuas,   Tha na dh' thuiling thu nis air do chùlaibh   Gus an dùin mi mo shùil,   Anns a' chadal nach dùisg,   Gad ' ionndrainn bi mi, is toirt cliù dhuit.      Nach mis' tha gu trom,   Glas chiambaig nam cheann,   Tha mi brist', tha mi aonranach brònach,   Oir tha màthair mo chloinn,   Bean-ghaoil is mo mhnaoi,   Anns a' chladh air an Aoidh fo na fòidean
 
RELATED SONGS
RELATED ARTICLES