Clean Lyric
Paragraph Lyric
(Traditional)
O tha mo dhùil ruit
Tha 's bi mo dhùil ruit
Òg a chuir mi ùidh
Ann an cùirtear na féile
Caomh leam an t-òigear
Dh'fhalbh uainn Di-Dòmhnaich
'S e bhi nochd a' seòladh
Thug deòir mo léirsinn
O tha mo dhùil ruit
Tha 's bi mo dhùil ruit
Òg a chuir mi ùidh
Ann an cùirtear na féile
Gheall e bhi dìleas
'S cinnt leam gur fìor e
Ged tha mi 'n diugh fo mhì-ghean
Gun sgrìobhadh 'o méudail
O tha mo dhùil ruit
Tha 's bi mo dhùil ruit
Òg a chuir mi ùidh
Ann an cùirtear na féile
'S diomhain bhi tùrsach
'S deòir air mo shùilean
Chaoidh cha chuir e cùl rium
Mo run-sa cha tréig mi
O tha mo dhùil ruit
Tha 's bi mo dhùil ruit
Òg a chuir mi ùidh
Ann an cùirtear na féile
Com as grinne nàdur
Beul as binne mànran
Rognaich mi thar chàche
'S gur tràth thag mi spéis da
O tha mo dhùil ruit
Tha 's bi mo dhùil ruit
Òg a chuir mi ùidh
Ann an cùirtear na féile
Gann biodh ar storas
Mòr bidh ar sòlas
Gach làtha mar bu chòir dhuinn
A' còmhnadh a chéile
O tha mo dhùil ruit
Tha 's bi mo dhùil ruit
Òg a chuir mi ùidh
Ann an cùirtear na féile
(Traditional)  O tha mo dhùil ruit  Tha 's bi mo dhùil ruit  Òg a chuir mi ùidh  Ann an cùirtear na féile  Caomh leam an t-òigear  Dh'fhalbh uainn Di-Dòmhnaich  'S e bhi nochd a' seòladh  Thug deòir mo léirsinn  O tha mo dhùil ruit  Tha 's bi mo dhùil ruit  Òg a chuir mi ùidh  Ann an cùirtear na féile  Gheall e bhi dìleas  'S cinnt leam gur fìor e  Ged tha mi 'n diugh fo mhì-ghean  Gun sgrìobhadh 'o méudail  O tha mo dhùil ruit  Tha 's bi mo dhùil ruit  Òg a chuir mi ùidh  Ann an cùirtear na féile  'S diomhain bhi tùrsach  'S deòir air mo shùilean  Chaoidh cha chuir e cùl rium  Mo run-sa cha tréig mi  O tha mo dhùil ruit  Tha 's bi mo dhùil ruit  Òg a chuir mi ùidh  Ann an cùirtear na féile  Com as grinne nàdur  Beul as binne mànran  Rognaich mi thar chàche  'S gur tràth thag mi spéis da  O tha mo dhùil ruit  Tha 's bi mo dhùil ruit  Òg a chuir mi ùidh  Ann an cùirtear na féile  Gann biodh ar storas  Mòr bidh ar sòlas  Gach làtha mar bu chòir dhuinn  A' còmhnadh a chéile  O tha mo dhùil ruit  Tha 's bi mo dhùil ruit  Òg a chuir mi ùidh  Ann an cùirtear na féile