Clean Lyric
Paragraph Lyric
(Traditional)
Seinn an duan so dhan Innis Àigh
An innis uaine as gile tràigh
Bidh sian air uairean
A' bagairt cruaidh ris
Ach 's e mo luaidh-sa bhi ann a' tàmh
Càit' an tràith' an tig Samhradh caomh?
Càit' an tràith' a thig blàth air craobh
Càit' as bòidhche
'S an seinn an smeòrach
Air bhàrr nan ògan 's an Innis Àigh
Tiugainn leam-sa chun na tràigh'
'S an fheasgar chiùin-ghil aig àm an làin
Is chi thu 'm bòidhhead
'S an liuthad seòrsa
De dhe'eoin tha còmhnuidh an Innis Àigh
An t-iasg as fiachaile dlùth do 'n tràigh
Is ann m'a chrìochan is miann leis tàmh
Bidh gillean easgaidh
Le dorgh is lìontan
Moch, moch 'g a iarraidh mu Innis Àigh
O, 's gearr an ùine gu'n teirig là
Thig an oidhche 's gun iarr mi tàmh
Mo chadal buan-sa
Bidh e cho suaimhneach
Ma bhios mo chluasag 's an Innis Àigh
Seinn an duan so dhan Innis Àigh
(Traditional) Seinn an duan so dhan Innis Àigh An innis uaine as gile tràigh Bidh sian air uairean A' bagairt cruaidh ris Ach 's e mo luaidh-sa bhi ann a' tàmh Càit' an tràith' an tig Samhradh caomh? Càit' an tràith' a thig blàth air craobh Càit' as bòidhche 'S an seinn an smeòrach Air bhàrr nan ògan 's an Innis Àigh Tiugainn leam-sa chun na tràigh' 'S an fheasgar chiùin-ghil aig àm an làin Is chi thu 'm bòidhhead 'S an liuthad seòrsa De dhe'eoin tha còmhnuidh an Innis Àigh An t-iasg as fiachaile dlùth do 'n tràigh Is ann m'a chrìochan is miann leis tàmh Bidh gillean easgaidh Le dorgh is lìontan Moch, moch 'g a iarraidh mu Innis Àigh O, 's gearr an ùine gu'n teirig là Thig an oidhche 's gun iarr mi tàmh Mo chadal buan-sa Bidh e cho suaimhneach Ma bhios mo chluasag 's an Innis Àigh Seinn an duan so dhan Innis Àigh
RELATED SONGS
RELATED ARTICLES